Dachaigh


’S e baile croitearachd a th’ ann a’ Flòdaigearraidh, ann am paraiste Chille Mhoire, sa cheanna-tuath dhen Eilean Sgitheanach, air sgiath Thròndairnis.

Chaidh Oighreachd Chille Mhoire, a bhuineadh do urrasairean a’ Mhorair Dhòmhnallaich, a reic ris a’ Chaiptean Friseal às A’ Chul Bhàicidh, ann an 1847 airson an t-sùim£85,000.

image

Bha an oighreachd a’ gabhail a-steach paraiste Chille Mhoire gu lèir agus pàirt de pharaiste Shnìosart. Ann an 1890 ghabh Seòras Alastair Mac a’ Bhàird thairis an oighreachd. Air bàs Mhic a’ Bhàird cheannaich Bòrd nan Sgìrean Dùmhail e ann an 1904 bho na h-urrasairean aige. Bha seachd tuathanasan air an oighreachd, Scudaborg, Mogastad, Dùn Tuilm, Flòdaigearraidh, Sartal, Rèisaborg agus an Lòn Fheàrna.
Goirid an dèidh an oighreachd a cheannach, dh’ath-roinn Bòrd nan Sgìrean Dùmhail na tuathanasan, airson croitean ùra a chruthachadh. Chaidh tuathanas Fhlòdaigearraidh a roinn a-mach agus chaidh pàirt dhen ghrunnd a thoirt do Chille Maluaig, am baile nàbachd, airson leudachadh. Chaidh baile croitearachd ùr a chruthachadh, leis an ainm Dùnan, (Flòdaigearraidh) le 14 croitean uile gu lèir. Chaidh na croitean sin a thoirt do theaghlaichean bhon Dìg, Glas-pheighinn, agus Brògaig ann an 1909 agus ’s e sliochd 12 dhe na ciad chroitearan a tha air na croitean chun an là an-diugh.
Chaidh Taigh Mòr Fhlòdaigearraidh a reic ris a’ Mhàidsear MacDhùnleibhe MacDhòmhnaill, a bha de shliochd Fhlòraidh NicDhòmhnaill. Chosg am Màidsear MacDhùnleibhe MacDhòmhnaill sùim mhòr airgid air Taigh Mòr Fhlòdaigearraidh, a bhuineadh dha gu ruige 1926, a leasachadh agus an uair sin reic e e ri Seumas Simpson, a bha na bhancair agus na òstair ann am Port Rìgh. Dh’atharraich Mgr. Simpson an taigh gu bhith na thaigh-òsta; a-nis air aithneachadh mar Taigh-òsta Dùthchail Fhlòdaigearraidh.

 

Cùrsaichean 2019


  •    
    Seo dà chùrsa a bhios ann am Fhlòdaigearraidh ann an 2019 leis an tiotal:

  •         “A’ togail Gàidhlig bho bhilean an t-sluaigh ann am Flòdaigearraidh”


    Gheibhear barrachd fiosrachaidh bhon làrach-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig fo ‘Cùrsaichean Samhraidh 2019’ agus fo sin ‘Cinn-là is Cùrsaichean’.

    http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/flodigarry-2019/

     

  •   Cinn-là airson 2019

    15 - 19 An t-Iuchar

    19 - 23 An Lùnastal

     

     


    Seo làraichean-lìn eile a dh’fhaodadh a bhith feumail:

    Ionad Throndairnis     http://www.ionadthrondairnis.org


    http://www.hostelflodigarry.co.uk/

     

    Fèis Thròndarnais

     


  •  

    http://www.feisean.org/